{"id":615,"date":"2019-07-29T23:28:10","date_gmt":"2019-07-29T23:28:10","guid":{"rendered":"http:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/?p=615"},"modified":"2019-07-29T23:28:10","modified_gmt":"2019-07-29T23:28:10","slug":"cothroman-ceistean-is-cunnartan-do-chamanachd-nam-ban","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/2019\/07\/29\/cothroman-ceistean-is-cunnartan-do-chamanachd-nam-ban\/","title":{"rendered":"Cothroman, ceistean is cunnartan do chamanachd nam ban."},"content":{"rendered":"<div id=\"attachment_155\" style=\"width: 310px\" class=\"wp-caption aligncenter\"><a href=\"http:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT.jpg\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" aria-describedby=\"caption-attachment-155\" class=\"size-medium wp-image-155\" src=\"http:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT-300x200.jpg\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"200\" srcset=\"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT-300x200.jpg 300w, https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT-1024x683.jpg 1024w, https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT-600x400.jpg 600w, https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT-450x300.jpg 450w, https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/files\/2015\/07\/2012-Cam-Cup-at-Obvan-semi-KNM_0812_0086_AT.jpg 2048w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/a><p id=\"caption-attachment-155\" class=\"wp-caption-text\">The Camanachd Cup, pictured on the centre spot at Mossfield Park, Oban.<\/p><\/div>\n<p><strong>By\u00a0<\/strong><\/p>\n<p><strong>\u00d9isdean Macillinnein<\/strong><\/p>\n<p>Le Cupa Ball-coise na Cruinne do bhoireannaich air soirbheachadh cho math san Fhraing an 2019, tha aire an t-saoghail air gluasad gu sp\u00f2rs bhan ann an d\u00f2igh nach robh duine air s\u00f9ileachadh, fi\u00f9s bliadhna air ais. Agus le buidhnean leithid FIFA agus buidhnean n\u00e0iseanta a-nis mothachail gur e slighe malairteach a tha ron earrann sin dhen gh\u00e8am as motha air feadh an t-saoghail, chan eil teagamh nach tig leudachadh agus leasachadh gu math nas sgiobalta air a h-uile taobh dhen gh\u00e8am do na boireannaich.<\/p>\n<p>Chan eil an raon romhpa uile gu l\u00e8ir cho r\u00e8idh sin ged-tha, ged a tha an saoghal do bhall-coise nam ban gu math nas gleansach agus nas tarraingiche an-diugh na bha e mus do th\u00f2isich Farpais na Cruinne. Leanaidh an geam an t-airgid, chionn tha FIFA agus buidhnean n\u00e0iseanta mothachail a-nis gur fhaodadh gum bi sruth airgid ann dhaibh fh\u00e8in an-l\u00f9ib an leasachaidh, agus bidh na cluicheadairean iad fh\u00e8in, mar a dhearbh boireannaich an USA, gu math mothachail air an luach fh\u00e8in anns an t-sroillich feuch c\u00f2 as motha a gheibh an cothrom air an sporran.<\/p>\n<p>Tha sin ceart gu le\u00f2r do bhoireannaich a tha ri ball-coise ged a tha ceistean gu le\u00f2r ann fhathast mu chiamar a dh\u00e8iligeas na d\u00f9thachan beaga (a thaobh \u00e0ireamhan chluicheadairean) leithid Alba ri c\u00f9isean. Ach a bheil, gu f\u00ecrinneach, an dealbh cho buileach gleansach agus gealltainneach do sp\u00f2rs nam ban? Agus gu s\u00f2nraichte `s d\u00f2cha do mhean-sp\u00f2rs leithid camanachd far a bheil na h-\u00e0ireamhn buileach nas lugha?<\/p>\n<p>Mus coimhead sinn air an t-suidheachadh a\u2019 dol air adhart, tha e feumail coimhead air c\u00e0ite an robh camanachd nam ban anns na bliadhnaichean a chaidh, can fi\u00f9s 10, 20 gun tighinn air 50 bliadhna air ais.<\/p>\n<p>Nam biodh duine air a r\u00e0dh rium fh\u00e8in anns na seachdan anns an Oilthigh an Glaschu, far nach boireannach faisg air na geamaichean againn mur robh iad ri suirighe, gum biodh camanachd nam ban far a bheil e an-diugh, cha robh mi air facal a chreidsinn.\u00a0 Geamaichean be\u00f2 air an telebhisein (air seirbheis Gh\u00e0idhlig cuideachd) le structuran n\u00e0iseanta, fi\u00f9s aon bhoireannach na r\u00e8itire air geamaichen nam fear, agus cloinn-nighinn gu math tric a\u2019 nochdadh an co-ionnannachd ri gillean agus fireannaich ann an geamaichean \u00e0bhaisteach.<\/p>\n<p>Ri mo latha sa, a\u2019 dol air ais gu m\u2019fh\u00ecor \u00f2ige, cha robh boireannaich nam p\u00e0irt de chamanachd ann an d\u00f2igh sam bith ach ris an iomall, a\u2019 d\u00e8anamh an t\u00ec ma bha iad idir ann, agus a\u2019 frithealadh leithid thiocaidean, raffles is eile.\u00a0 Beag air bheag ged tha, fi\u00f9s anns na 70-an, agus an saoghal m\u00f2r ag atharrachadh, th\u00f2isich an crathadh, ged nach t\u00e0inig a\u2019 chrith-thalmhainn a bha cuid a\u2019 muigheadh, fi\u00f9s le fealla-dha.<\/p>\n<p>Ma `s math mo chuimhne bha Liz NicAonghais (\u00e0 Ste\u00f2rnabhagh bho th\u00f9s, gu h-inntinneach) am measg a\u2019 chiad bhoireannaich a nchd ann an saoghal follaiseach na camanachd, agus c\u00f2mhla rithe th\u00e0inig leithid Donnella Crawford mu dheas. Ged nach robh iad a\u2019 cluich, agus chan aithne dhomh cho fada air ais ri sin gu robh cluich sam bith a\u2019 dol ach corra gheam sp\u00f2rsail agus fealla-dha, `s ann ann an rianachd a\u2019 gh\u00e8aim a rinn na boireannaich sin an slighe air adhart. Bha iad an s\u00e0s ann an comataidhean n\u00e0iseanta, agus le Donna gu s\u00f2nraichte ann an saoghal nan sgoiltean far an robh grunn luchd-teagasg bho \u00e0m gu \u00e0m a\u2019 cuideachadh ann an sgoiltean. Ach `s e saoghal nam fear a bha an saoghal na camanachd. Agus leis an eachdraidh a th\u2019aig a\u2019 gh\u00e8am agus an suidheachadh s\u00f2isealta a bha a\u2019 riaghladh air feadh na G\u00e0idhealtachd gu h-eachdraidheil, cha bu ch\u00f2ir sin a bhith na iongnadh.<\/p>\n<p>Ged a bha stroillich gu le\u00f2r anns na 70-an am measg bhoireannaich nach robh iad a\u2019 faighinn cothrom na f\u00e8inne ann an saoghal na camanachd \u2013 agus tha irisean Leabhair Bhliadhnail na Camanachd an \u201cShinty Yearbook\u201d na dhearbhadh air sin, thug e c\u00f2rr math is fichead bliadhna gus an do th\u00f2isich an siol a chaidh a chur sna 70-an a\u2019 fas.<\/p>\n<p>`S ann mu thionndadh na linne a th\u00e0inig c\u00f9isean gu ceann agus am follais le g\u00e8amaichean a\u2019 t\u00f2iseachadh ann an grunn sg\u00ecrean \u2013 mun \u00d2ban , Gleann na Garadh is eile, agus sradag bheag a\u2019 be\u00f2thachadh an sud san seo.\u00a0 Bha na sgiobaidhean sin an \u00ecre mhath uile an crochadh air aon neach no dha a bha gam putadh agus gam misneachadh agus mar a th\u00f2isich an gluasad `s ann a bu dh\u00e0ine a th\u00f2isich na boireannaich a\u2019 dol an s\u00e0s ann an cluich.<\/p>\n<p>Ach bha gu le\u00f2r nan aghaidh \u2013 \u201cWatch Out Boys, Revolution\u2019s in the Air as Shinty Widows Stage a Takeover\u201d,\u00a0 sgr\u00ecobha Liz MacInnes, a bha aig an \u00e0m na R\u00f9naire air sgioba Inbhir Nis agus air comadaidhean eile.\u00a0 \u201cMany of the men treat us as a joke,\u201d thuirt i, \u201cand are loathe to listen to our opinions.\u201d\u00a0 Cha robh e fada agus an do th\u00f2isich a\u2019 chuibhle a\u2019 dol mun cuairt.<\/p>\n<p>Bha aon shuidheachadh eile a chuidich leis a\u2019 ghluasad seo agus am f\u00e0s, agus gu n-annasach `s e cr\u00econadh a bh\u2019air c\u00f9l ch\u00f9isean.\u00a0 Bha \u00e0ireamhan sgoilearan ann am bun-sgoiltean air feadh na G\u00e0idhealtachd, agus ann an sg\u00ecrean far am bu dual camanachd a\u2019 cr\u00econadh \u2013 ceangailte gu math tri cri cion-cosnaidh ann an sg\u00ecrean.\u00a0\u00a0 Leis sin, bha e a\u2019 faireachdainn air cuid de sgoiltean sgiobaidhean a chur a-mach ann am farpaisean gus an do thuig iad gun gabhadh sgiobaidhean a thoirt c\u00f2mhla nam biodh gillean agus clann-nighean gan cur c\u00f2mhla.<\/p>\n<p>Bha cuideachd gluasadan am measg oileanaich a bha a\u2019 lorg rudan agus sp\u00f2rs \u00f9r mar phairt de dh\u2019atharraichean s\u00f2isealta eile agus miann co-ionnannachd. Chan e mh\u00e0in gu do th\u00f2isich boireannaich (\u00f2ga) a\u2019 nochdadh, ach thachair seo aig \u00e0m far an robh an g\u00e8am a\u2019 sgaoileadh gu sg\u00ecrean \u00f9ra leithid Dhun Ph\u00e0rlain agus Fiobha, bha sgioba Mheadhan-Earra-Gh\u00e0idheil an Glaschu, le corra bhan-Eireannach nam measg, cuideachd gu math taiceil agus thug sgioba Dhunadd ann an Ceann LochGilp impidh do ch\u00f9isean bho 1995, agus leis sin cuideachd th\u00f2isich cuid de na meadhanan a\u2019 gabhail aire de na bha a\u2019 tachairt. Aig \u00e0manan bha sin ann an d\u00f2ighean a bha car fanaideach ach r\u00e8 \u00f9ine, mar a th\u00f2isich boireannaich a\u2019 nochdadh ann an suidheachain sp\u00f2rs eile, (agus mar a th\u00f2isich an lagh agus beachdan dhaoine ag atharrachadh, sd\u00f2cha), shiollaidh sin air falbh.<\/p>\n<p>Tha c\u00f9isean gu math eadar-dhealaichte a-nis, ged nach eil a h-uile c\u00e0il an \u00f2rdugh no mar bu mhiann le cuid. Tha astar an fh\u00e0s a\u2019 s\u00ecor thogail agus chaidh an \u00e0ireamh de bhoireannaich a tha a\u2019 cluich aig \u00ecre inbheach suas bho 224 ann an 2015 gu 423 an uiridh; am measg chloinn-nighean \u00f2ga chaidh na h-\u00e0ireamhan suas 122 gu 337 aig an aon \u00e0m.\u00a0 Tha a-nis 20 buidheann bhan a\u2019 cluich camanachd le gl\u00e8 fhaisg air 36 sgioba fa-leth a\u2019 cluich aig diofar \u00ecrean.\u00a0 `S d\u00f2cha gur ann ans an Eilean Sgitheanach a bu luaithe a tha am f\u00e0s an deidh dhaibh sgioba a\u2019 st\u00e8idheachadh ann an 2011.<\/p>\n<p>San fhichead bliadhna a dh\u2019fhalbh, tha camanachd nam ban air tighinn gu \u00ecre far a bheil dithis bhoireannach air Bord-sti\u00f9iridh Chomann na Camanachd, tha na h-\u00e0imhrean cluiche a\u2019 s\u00ecor dhol am meud, tha sgiobaidhean nam fear air gabhail ri na boireannaich mar ph\u00e0irt chudromach dhan gh\u00e8am agus airidh air taic, ged nach do nochd fhathast ach aon bhoireannach na r\u00e8itire air geamaichean nam fear gu cunbhallach.<\/p>\n<p>An uiridh an 2018, chaidh a\u2019 chuairt dheireannach de Chupa Chamanachd nam Ban, Cupa Valerie Fhriseil, a chraoladh be\u00f2 air BBC Alba le na ceudan an l\u00e0thair an Ceann a\u2019 Ghi\u00f9thsaich agus bana-r\u00e8itire a\u2019 riaghladh. A\u2019 cluich sa gh\u00e8am sin bha aon bhoireannach, Kirsty Deans, a bhoinneas do Cheann a\u2019 Ghi\u00f9thsaich,\u00a0 a nochd seachdain an deidh sin ann an geam be\u00f2 eile air an TV agus i a\u2019 cluich ball-coise.\u00a0 Chaidh i air adhart bhon sin gu bhith air a h-ainmeachadh mar sgiobair air sgioba chamanachd Alba a\u2019 cluich an Eireann agus chaidh a h-ainmeachadh mar neach sp\u00f2rs na bliadhna air a\u2019 Gh\u00e0idhealtachd le p\u00e0ipear naidheachd na sg\u00ecre, am Press &amp; Journal.<\/p>\n<p>Agus thas Kirsty ch\u00f2ir na s\u00e0mhla air a\u2019 gh\u00e8am san fharsaingeachd, na cothroman, na ceistean na cunnartan. Mar neach teagaisg PE tha i e\u00f2lach gu le\u00f2r air sp\u00f2rs agus air a tarraing eadar diofar sp\u00f2rs. Agus sin a\u2019 cheist mh\u00f2r a- nis. Le leithid rugbaidh nam ban agus ball-coise nam ban a\u2019 s\u00ecor leudachadh agus a\u2019 f\u00e0s nas proifeiseanta, a bheil camanachd gu bhith ann an suidheachadh na boireannaich a chumail aca fh\u00e8in, neo an t\u00f2isich iad a\u2019 sruthadh air falbh gu sp\u00f2rs eile.<\/p>\n<p>Tha a h-uile coltas ann an dr\u00e0sta gu bheil impidh an casan na camanachd agus ma th\u00e8id aig Comann na Camanachd fh\u00e8in air suidheachadh nam ban a dhaingneachadh ann an riaghladh agus ro-innleachd a\u2019 gh\u00e8aim, sd\u00f2cha, d\u00ecreach sd\u00f2cha, gu bheil saoghal \u00f9r romhainn.\u00a0 Tha sinn p\u00ecos math air ch\u00f9laibh g\u00e8am na h-\u00c9ireann ach tha gu le\u00f2r an sin as urrainn dhuinn ionnsachadh.\u00a0 Ach tha aon rud cinnteach, mura freagair sinn na ceistean agus mura gabh sinn na cothroman, leanaidh na cunnartan.<\/p>\n<p><strong>\u00d9isdean Macillinnein<\/strong><\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>By\u00a0 \u00d9isdean Macillinnein Le Cupa Ball-coise na Cruinne do bhoireannaich air soirbheachadh cho math san Fhraing an 2019, tha aire an t-saoghail air gluasad gu sp\u00f2rs bhan ann an d\u00f2igh nach robh duine air s\u00f9ileachadh, fi\u00f9s bliadhna air ais. Agus &hellip; <a href=\"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/2019\/07\/29\/cothroman-ceistean-is-cunnartan-do-chamanachd-nam-ban\/\">Continue reading <span class=\"meta-nav\">&rarr;<\/span><\/a><\/p>\n","protected":false},"author":143,"featured_media":0,"comment_status":"open","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[8,6,1],"tags":[],"class_list":["post-615","post","type-post","status-publish","format-standard","hentry","category-dialogue","category-evidence","category-uncategorized"],"jetpack_featured_media_url":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/615","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/users\/143"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=615"}],"version-history":[{"count":2,"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/615\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":625,"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/615\/revisions\/625"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=615"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=615"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.blogs.hss.ed.ac.uk\/sport-matters\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=615"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}